Slàinte 's Fallaineachd

Tha Gàidhlig agus dualchas cudromach dhomh agus tha e a’ tighinn a-steach dham bheatha-obrach ann an iomadh dòigh. Aig àm deasachaidh an làraich-lìn seo, chaidh comhairle a thoirt dhomh gum biodh e math earrainn a bhith ann a bha gu tùr ann an Gàidhlig airson taobh na Gàidhlig a shoilleireachadh. Bhiodh an leithid na bu fhreagraiche dha luchd na Gàidhlig na dìreach aon rud ’s a tha ri fhaotainn air an làrach-lìn sa Bheurla. Mar sin, bu chaomh leam rud beag a sgrìobhadh mu fheallsanachd nan Gàidheal air slàinte ’s air fallaineachd agus mar a tha e a’ buntainn ris an obair agam.

Tha sinn uile eòlach air an fhacal slàinte, agus tha e follaiseach gu bheil e a’ tighinn às an fhacal slàn. Tha slàn a’ mìneachadh iomlan no làn, agus cuideachd gun a bhith tinn. Tha fiù ’s fallain a’ tighinn às na facail fo agus slàn ann an Gaeilge tràth. Tha e a’ coimhead glè chol’ach gu robh tuigse shoilleir aig na Gàidheil bho thùs gum feum daoine a bhith slàn ann an iomadh dòigh airson slàinte ’s fallaineachd a bhith ann. Dh’fhaodadh seo a bhith a’ toirt a-steach a bhith slàn nad inntinn, nad bhodhaig, nad bheatha spioradach, agus cuideachd a bhith slàn ann an dualchas. 

Air sàillibh eachdraidh na Gàidhealtachd, tha dualchas nan Gàidheal fad bhon a bhith slàn. Tha ar cànan lag, tha trioblaidean sa Ghàidhealtachd le deoch làidir agus drugaichean, tha e doirbh àiteachan fuirich a lorg agus tha obair le tuarastal gu math gann. Tha buaidh air a h-uile rud seo air beathannan pearsanta, agus gu tric tha seo a’ tighinn a-mach le trioblaidean slàinte anns a’ bhodhaig, san inntinn agus ann am beatha spioradach.  Le beatha spioradach, tha mi a’ mìneachadh an lasair cridhe pearsanta a tha san teas mheadhain dhuinn uile. Tha e aithnichte le daoine tùsail ann an diofar ceàrnaidhean den t-saoghail gu bheil trioblaidean pearsanta ann nuair a bhios slàinte a dhith a thaobh dualchais agus ann an dòigh-beatha.

Mar thorradh air seo, tha mi a’ coimhead air an obair agam sa Ghàidhlig mar dòigh airson slàinte ann an dualchais a ruigsinn mar Gàidheil, agus tha mo chuid obrach leis na snàthadan mar dòigh airson slàinte aig cuideigin a leasachadh gu pearsanta. Nam bharail, tha cearcall dualchais mun cuairt oirnn cudromach airson fallaineachd.  Dh’fhaodar a ràdh gu bheil dà chearcall mun cuairt oirnne. Tha cearcall slàinte pearsanta  againn a dh’fheumas a bhith slàn, agus tha cearcall dualchais mun cuairt oirnne a dh’fheumas a bhith slàn cuideachd. Tha an dà chearcall làimh ri làimh. ’S e sin a tha am facal slàinte ag innse dhuinn, agus ’s ceann-teagaisg glic a th’ ann a thàinig thugainn bho ar sinnsearan.